Falt trom, trom, dualach
Falt buidhe mu do ghualainn
Falt as grinne chuaileas
Na dhual air mo chruinneig-sa
A' dol an-àird na staidhreach
Gun solas is gun soillse
'S mi cuimhneach' air a' mhaighdinn
A chùm a-raoir bho chadal mi
Falt trom, trom, dualach
Falt buidhe mu do ghualainn
Falt as grinne chuaileas
Na dhual air mo chruinneig-sa
'S e thusa bhith cho bòidheach
Is mise bhith cho gòrach
'S an gaol a thug mi òg dhut
An-diugh gam leòn le aithreachas
Falt trom, trom, dualach
Falt buidhe mu do ghualainn
Falt as grinne chuaileas
Na dhual air mo chruinneig-sa
'S tha thusa dol a phòsadh
Is mise dol a sheòladh
Air long nan trì chroinn àrda
'S gur brònach leam an dealachadh
Tha thusa dol, tha thusa dol, tha thusa dol, a phòsadh
Tha thusa dol, tha thusa dol, tha thusa dol, a phòsadh
Is mise dol, Is mise dol, Is mise dol a sheòladh
Is mise dol, Is mise dol, Is mise dol a sheòladh
Falt trom, trom, dualach
Falt buidhe mu do ghualainn
Falt as grinne chuaileas
Na dhual air mo chruinneig-sa
Falt trom, trom, dualach
Falt buidhe mu do ghualainn
Falt as grinne chuaileas
Na dhual air mo chruinneig-sa